English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Mu dheidhinn croitearachd

Is e siostam de ghabhaltas fearainn a tha àraid do Ghàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a tha ann an croitearachd.

Tha mòran dhaoine den bheachd gur e taigh a tha ann an croit, ach ‘s e tha ann ach gabhaltas fearainn croite an ìre mhath beag, a tha sa bhitheantas air a chumail mar ghabhaltas is dh’fhaoidte gu bheil no nach eil toglaichean no taigh ceangailte ris. Tha croitean a’ gabhail a-steach raon mheudan bho nas lugha na 1/2 heactair (ha) gu còrr is 50ha ach tha croit chuibheasach nas fhaisge air 5ha.
 
Tha 17,923 croitean ann is mu 10,000-12,000 taigheadas croitearachd a’ fuireach orra, le sluagh iomlan de mu 33,000.  Is e an croitear neach-gabhail na croite. Mar as trice, bidh an croitear a’ cumail na croite air na “cumhaichean reachdail”, a tha a’ buntainn ris gach gabhaltas croite, agus cha bhi cùmhnant-màil sgrìobhte aige. Tha cuid de dh’fhearann croite a-nis air a shealbhachadh seach gu bheil an fheadhainn a b’ àbhaist a bhith nan luchd-gabhail air am fearann a cheannach. Chan eil smachd sam bith ann a thaobh atharrachaidhean ann an sealbhadaireachd fearann croite ach bidh an t-Ùghdarras a’ riaghladh gach atharrachadh ann an gabhaltas agus tha feum air cead sgrìobhte bhuaidhe airson gach sònrachadh a thathar a’ moladh.
 
Thathar a’ cleachdadh a’ bhriathair ‘sònrachadh’ ann an croitearachd gus mìneachadh a thoirt air gluasad maireannach gabhaltais bho aon neach gu neach eile. Ann am bliadhna àbhaisteach tha 400 gu 500 gabhaltas croite air an sònrachadh. Ann an còrr is leth dhiubh seo tha an croitear làithreach a’ toirt seachad na croite gu ball den teaghlach aca fhèin is tha a’ mhòr-chuid de na gabhaltasan eile air an toirt seachad do dhaoine a dh’aithnicheas an croitear mar-thà. Tha fios againn gu bheil iarrtas mòr ann airson croitean, agus mar sin tha sinn a’ tuigsinn gum faod an dìth fearainn daoine a dhì-mhisneachadh.
 
Ach, tha e fìor gu bheil grunn chroitean a’ dol air a’ mhargaidh fhosgailte gach bliadhna. Mar as trice bidh iad seo air an sanasachd sa phàipear-naidheachd ionadail is faodaidh neach sam bith le ùidh fios a chur chun an neach-gabhail no an neach-seilbh a tha a’ fàgail. Dh’fhaoidte gum bi croitearan eile, nach eil a’ cleachdadh an fhearainn chroite aca ach a tha airson an taigh croite a chumail, deònach am fearann croite aca a shaoradh do dhaoine a tha airson tighinn a-steach do chroitearachd.
 
Chan eil an seo ach toiseach a’ phròiseis. Tha a bhith a’ faighinn gabhaltas croite co dhiubh cho doirbh ri bhith a’ ceannach taigh àraid ann am margaidh luchd-reic. Tha riatanasan laghail àraid ann cuideachd. Chan eil sealbh sam bith aig an Ùghdarras air croitean agus chan urrainn dha a dhol an gnìomh mar àidseant do neach sam bith a tha a’ sireadh croit.

Ùrachaidhean Riaghailteach

Naidheachdan as Ùire
latest story: 02/03/2010
Coinneamhan is Tachartasan
next event: 09/09/2010
Pàipearan Coinneamhan Bùird
last update: 30/07/2010
Freagairtean do Cho-chomhairlean
last update: 10/05/2010
Foillseachaidhean
last update: 29/06/2010
Regulatory Applications Decided
last update: 06/09/2010
Please note our new address
Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad an Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW ~ Fòn: 01463 663450 ~ Facs: 01463 725067 ~ E: info@crofterscommission.org.uk | Mapa-làraich