English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Sgeama Thabhartasan nan Taighean Croite (CHGS)

Is e sgeama tabhartais a-mhàin, a tha a’ toirt cuideachadh do chroitearan gus an dachaigh aca a thogail no a leasachadh air a’ chroit aca, a tha ann an CHGS. Tha an cuideachadh air amas a rèir cruinn-eòlas (coimhead air mapa mar jpg no pdf) agus tha na sgìrean air an sònrachadh a rèir còda-puist (cliog an seo gus coimhead air liost).

Tha an sgeama a’ tabhann cuideachadh tro thabhartas a-mhàin don chroitear a rèir sgìre prìomhachais mar a tha air a mhìneachadh gu h-ìseal.
 

Taigh Ùr
  
 

Sgìre Prìomhachais Cruinn-eòlasach

Àrd
Coitcheann
Ìseal

Tabhartas Taighe Ùir

£22,000
£17,000
£11,500
 
Ath-thogail is Leasachadh
 
 

Sgìre Prìomhachais Cruinn-eòlasach

Àrd
Coitcheann
Ìseal

Tabhartas Ath-thogail is leasachaidh

40% de chosgaisean suas gu tabhartas de £22,000 aig a’ char as àirde

30% de chosgaisean suas gu tabhartas de £17,000 aig a’ char as àirde

20% de chosgaisean suas gu tabhartas de £11,500 aig a’ char as àirde


Eisimpleirean de leasachaidhean thaighean: Ma tha na leasachaidhean agaibh a’ cosg £30,000 is ma tha a’ chroit agaibh ann an sgìre le prìomhachas coitcheann bidh an tabhartas CHGS agaibh aig £9,000 (30% de £30,000) ma tha an tagradh agaibh soirbheachail.

Tha Stiùireadh Coitcheann a’ buntainn ris an sgeama ri fhaotainn san leabhar stiùiridh againn (cliog gus coimhead air stiùireadh) agus san fhoirm thagraidh iomchaidh (cliog gus coimhead air). Gu h-ìseal lorgaidh sibh cuid de na slatan-tomhais airson ion-roghnachd agus airson diùltadh. Bithibh mothachail nach eil na liostaichean seo a’ gabhail a-steach gach rud ach faodar an cleachdadh mar stiùireadh coitcheann. Tha sinn a’ comhairleachadh dhuibh fiosrachadh cho mionaideach ’s a ghabhas a chur don fhoirm agaibh seach gu bheilear a’ beachdachadh air gach cùis fa leth.

Cuidichidh na slatan-tomhais gu h-ìseal sibh gus dèanamh a-mach co dhiubh a tha an suidheachadh agaibh taobh a-staigh comas an sgeama. Ach, thathar a’ comhairleachadh dhuibh tagradh a chur a-steach co-dhiù gus cothrom a thoirt don Sgeama measadh a dhèanamh.

Feumaidh sibh a bhith nur:

  • neach-gabhail croitearachd no
  • neach-seilbh-còmhnaidh de chroit, a chaidh fhaotainn bhon uachdaran taobh a-staigh na 7 bliadhna mu dheireadh no
  • coitear no
  • croitear Caolais

 Agus feumaidh sibh a bhith ann an taigheadas a tha uireasbhach seach:

  • nach eil an t-àite-fuirich a tha agaibh an-dràsta a’ toirt seachad àite-fuirich gu leòr dhuibh fhèin agus don teaghlach dhlùth agaibh no
  • nach eil an t-àite-fuirich sa bheil sibh an-dràsta a’ coinneachadh ri inbhe math gu leòr no
  • gu bheil sibh an-dràsta a’ fuireach còmhla ri pàrantan, sibh co-dhiù 21 bliadhna a dh’aois, agus gun urrainn dhuibh sealltainn gu bheil sibh air a’ chroit obrachadh airson co-dhiù 2 bhliadhna no
  • gu bheil feum agaibh air taigh air a’ chroit seach:
  • gu bheil sibh an-dràsta a’ fuireach còrr is 10 mìle air falbh no
  • gu bheil na seòrsachan gnìomhan àiteachais a’ ciallachadh gum feum sibh a bhith air a’ chroit an còmhnaidh no
  • gu bheil feumalachdan gnothachais a tha ann mar-thà a’ ciallachadh gum feum sibh fuireach air a’ chroit no
  • gu bheil sibh an-dràsta a’ fuireach ann an taigh comhairle (no gabhaltas eile).
     
    Bu chòir aire a ghabhail cuideachd do na puingean a leanas:
  • Chan fhaod obair tòiseachadh air a’ phròiseact gus am faigh sibh aonta sgrìobhte bhon Sgeama
  • Feumaidh an taigh a tha a’ faighinn cuideachadh a bhith na phrìomh àite-còmhnaidh dhuibh; chan eil an sgeama a’ toirt seachad cuideachadh airson dàrna dachannan
  • Feumaidh sibh a bhith an dùil a’ chroit obrachadh
  • Bu chòir aonta airson cuideachadh fo Sgeama Thabhartasan nan Taighean Croite a bhith suidhichte mus tèid stiùireadh dì-croitearachd sam bith a shireadh bho Ùghdarras nan Croitearan ann an Inbhir Nis. Tha a bhith a’ dì-croitearachd làrach-taighe a’ ciallachadh gu bheil an talamh air a thoirt a-mach à gabhaltas croitearachd agus dh’fhaoidte air sgàth seo nach bi sibh ion-roghnach airson cuideachadh CHGS.
     
    Gheibhear leabhrain stiùiridh agus foirmean tagraidh bhon duilleig fhoirmean is bhileagan againn no na seòlaidhean a leanas:
     
Ùghdarras nan Croitearan
An t-Ionad Gnothachais (Aonad 3)
Crosapol
Eilean Thioradh
PA77 6UP

post-dchgs@scotland.gsi.gov.uk
Fòn: 01879 220 240
 
Ùghdarras nan Croitearan
4-6 Lùib a’ Chaisteil
Inbhir Nis
IV2 3EQ

Fòn: 01463 663 450
 


Cliog an seo gus coimhead air liosta de dh’oifisean ionadail sgìreil Buidheann-stiùiridh Phàighidhean is Sgrùdaidhean Dùthchail Riaghaltas na h-Alba (SGRPID).

 

Ùrachaidhean Riaghailteach

Naidheachdan as Ùire
latest story: 02/03/2010
Coinneamhan is Tachartasan
next event: 09/09/2010
Pàipearan Coinneamhan Bùird
last update: 30/07/2010
Freagairtean do Cho-chomhairlean
last update: 10/05/2010
Foillseachaidhean
last update: 29/06/2010
Regulatory Applications Decided
last update: 06/09/2010
Please note our new address
Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad an Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW ~ Fòn: 01463 663450 ~ Facs: 01463 725067 ~ E: info@crofterscommission.org.uk | Mapa-làraich