Clàr nan Croitean
Tha còrr is 17,923 croit air an inntrigeadh ann an Clàr Chroitean an Ùghdarrais is tha mu 14,200 dhiubh seo fo ghabhaltas agus tha an còrr dhiubh air an sealbhachadh.
Tha an Clàr a’ gabhail a-steach inntrigeadh airson gach aon de na h-aonadan seo, a’ toirt seachad ainm, suidheachadh, màl agus meud gach croit fa leth. Tha ainm an neach-gabhail is an uachdarain cuideachd air an clàradh cuide ri leasachaidhean coilltearachd sam bith air an ionaltradh choitcheann.
Bu chòir ceistean is cuideachadh sa chiad dol a-mach a chur chun an sgioba sgìreil iomchaidh. Faicibh an duilleag sheòlaidhean againn airson fiosrachadh seòlaidh.







