English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Modh Fios Air Ais

Tha sinn ag amas air seirbheisean àrd inbhe a thoirt seachad do bhuill uile a’ phobaill is tha sinn a’ cur fàilte air fios air ais bhuaibh mu thaobh sam bith de na seirbheisean a tha sinn a’ toirt seachad – math no dona.

Ach, tha fios againn gum faod rudan a dhol ceàrr bho àm gu àm is feumaidh fios a bhith againn nuair a tha sibh mì-thoilichte leis an t-seirbheis againn. Bidh sinn a’ gabhail aire do gach fios air ais nach eil math is bidh sinn ag amas air duilgheadasan a rèiteach gu luath. Thèid na beachdan agaibh a chlàradh is a sgrùdadh gus cothrom a thoirt dhuinn na seirbheisean againn a leasachadh gu leantainneach.

Mura h-iarr sibh gu sònraichte gun tèid am fios air ais agaibh a làimhseachadh mar ghearan foirmeil, thèid na beachdan agaibh a chlàradh is a sheòrsachadh mar ghearan coitcheann/cunntas mì-riarachais. Thèid sùil a chumail air gach fios air ais nach eil math is thèid a chlàradh fo na h-earrannan sònraichte gu h-ìseal:

• Poileasaidh is Modh
• Lìbhrigeadh Seirbheis
• Sgiobachd
• Luchd-ùghdarrais

Chan eil a’ mhodh ghearain againn a’ toirt buaidh air còraichean sam bith fo mhodhan ath-thagraidhean foirmeil reachdail a thaobh Achd Ath-leasachadh na Croitearachd Msaa 2007.

Bu chòir gearanan mu reachdas no poileasaidh Ministreil a thogail tron BPA agaibh (a dh’fhaodas an gnothach a thogail le Ministear na Buidhne-stiùiridh airson Pàighidhean is Sgrùdaidhean aig Riaghaltas na h-Alba, Taigh Pentland, 47 Robb's Loan, Dùn Èideann, EH14 1TY).

Mar a dh’fhàgas sibh fios air ais

Bu chòir dhuibh am foirm a tha aig bonn na duilleige seo a lìonadh is a chur tron phost chun an Àrd-oifigeir againn aig ‘Ùghdarras nan Croitearan, Lùib a’ Caisteil, Inbhir Nis IV2 3EQ' no le post-d gu info@crofterscommission.org.uk  airson aire an Àrd-oifigeir.

Gus ar cuideachadh, cuimhnichibh na nithean a leanas a ghabhail a-steach:

• ainm na croite agaibh
• àireamh iomraidh no àireamh-còda àiteachais
• ainm an neach leis an do dhèilig sibh an toiseach
• fiosrachadh mionaideach mu na nithean leis an robh sibh toilichte/mì-thoilichte, a’ gabhail a-steach cinn-là

Dè an ath rud a thachras?

Cuiridh sinn fios thugaibh gun d’fhuair sinn am fios air ais agaibh, taobh a-staigh dà latha obrach bhon latha a fhuair sinn e, ag innse ciamar a thèid a thoirt air adhart, ma tha sin iomchaidh.

Thèid fios air ais nach eil math a stiùireadh don Cheannard Roinne iomchaidh airson a sgrùdadh is airson freagairt taobh a-staigh 10 làithean obrach. Mura h-urrainnear làn fhreagairt a thoirt seachad taobh a-staigh na h-ùine seo, thèid fios a chur thugaibh mun adhartas a tha a’ tighinn air an fhios air ais agaibh is cuin a bhios dùil ri làn fhreagairt.

Dè ma bhios mi fhathast mì-riaraichte?

Mura h-eil sibh riaraichte le freagairt is toradh sgrùdaidhean Ceannard na Roinne, faodaidh sibh fios a chur chun an Àrd-oifigeir againn gus ath-bhreithneachadh a dhèanamh air a’ ghearain agaibh. Nì an t-Àrd-oifigear an dàrna cuid sgrùdadh air a’ chùis no tiomnaidh e na draghan agad gu Oifigear nan Gearanan. (Chan urrainn don Àrd-oifigear ath-bhreithneachadh a dhèanamh air droch fhios air ais mura deach beachdachadh air roimhe le Ceannard Roinne).

Thèid fios a chur thugaibh gun d’fhuair sinn an t-iarrtas agaibh airson ath-bhreithneachadh leis an Àrd-oifigear taobh a-staigh dà latha obrach bhon àm a fhuair sinn e, agus innsidh seo mun dòigh san tèid an t-iarrtas agaibh a làimhseachadh, agus cò a làimhsicheas e.

Ma tha Oifigear Ghearanan air a chur an dreuchd gus ath-bhreithneachadh a dhèanamh air na chaidh a dhèanamh roimhe mu choinneamh a’ ghearain agaibh, dh’fhaoidte gum bi eòlas aig an oifigear air an raon obrach a tha na lùib, ach cha bhi iad air a bhith an sàs sa chùis roimhe.

Thèid litir a’ gabhail a-steach toraidhean an Àrd-oifigeir mun ath-bhreithneachadh a chur thugaibh taobh a-staigh deich latha obrach. Dh’fhaoidte gum feum sinn barrachd ùine gus sgrùdadh ceart a dhèanamh air cuid de ghearanan ach nì sinn seo cho luath ’s is urrainn dhuinn agus cumaidh sinn fios ribh mun phròiseas.

Càite am faigh mi cuideachadh ma bhios mi fhathast mì-riaraichte?

Ma tha sibh mì-riaraichte le toradh ath-bhreithneachadh an Àrd-oifigeir againn, bidh Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba a’ sgrùdadh ghearanan le buill den phoball a tha a’ faighinn coire leis an t-seirbheis rianachd againn agus nach eil a’ faighinn freagairt no rèiteach riarachail bhuainn.

Faodaidh sibh sgrìobhadh gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba aig 4 Sràid Melville, Dùn Èideann EH3 7NS, fònadh air 0870 0115378 no post-d a chur gu enquiries@scottishombudsman.org.uk Faodaidh sibh cuideachd a dhol chun an làraich-lìn aca aig www.scottishombudsman.org.uk

Chan àbhaist do dh’oifis an Ombudsmain gabhail ri gearan a tha air a dhèanamh air a’ fòn no gu pearsanta. Bu chòir dhuibh gearan sam bith a chur a-steach gun a bhith nas anmoiche na 12 mìosan às dèidh an latha air an tug sinn seachad an t-seirbheis no air an do chuir sinn fios thugaibh an toiseach mun ghnothaich. Diùltaidh oifis an Ombudsmain gearan a tha a’ tighinn a-steach anmoch mura h-urrainn dhuibh an sàsachadh gu bheil adhbharan sònraichte ann airson ’s gum bu chòir dhaibh beachdachadh air taobh a-muigh na h-ùine àbhaistich.

Luchdaich a-nuas am foirm fios air ais againn.

Cliog an seo gus coimhead air Aithisg an Ombudsman air Ùghdarras nan Croitearan bho Fhaoilleach 2009 


 

Ùrachaidhean Riaghailteach

Naidheachdan as Ùire
latest story: 02/03/2010
Coinneamhan is Tachartasan
next event: 09/09/2010
Pàipearan Coinneamhan Bùird
last update: 30/07/2010
Freagairtean do Cho-chomhairlean
last update: 10/05/2010
Foillseachaidhean
last update: 29/06/2010
Regulatory Applications Decided
last update: 06/09/2010
Please note our new address
Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad an Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW ~ Fòn: 01463 663450 ~ Facs: 01463 725067 ~ E: info@crofterscommission.org.uk | Mapa-làraich